Elspeth Turner

Contact Info

Website

www.stoirm-og.com

Twitter

@StoirmOg

Facebook

www.facebook.com/FirstBicycle

Languages

French

 

Playwrights' Studio

New Playwrights Award

Elspeth Turner

Tha Elspeth Nic an Tuairneir na cleasaiche is na sgrìobhadair, stèidhichte ann an Dùn Èideann. Tha i bho thùs a is ann à Dùn Phàrlain, agus dh'ionnsaich i cleasachd aig Acadamaidh Ameireaganach nan Ealainean Dràma agus Gàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig. Chaidh na dealbhan-cluiche aice, The Idiot at the Wall (stiùiriche Emily Reutlinger) agus SpectreTown (stiùiriche Matthew Lenton), a mholadh nuair a chaidh an taisbeanadh aig Iomall Fèis Dhùn Èideann mus deach iad air tursan nàiseanta. Fhuair i duaisean airson sgrìobhadh dràma bho Urras Tom McGrath agus Fonndas Peggy Ramsay.

San Dùbhlachd 2015, fhuair Elspeth coimisean bho Ghlaschu Beò airson pròiseact a leasachadh air a' cheangal a dh'fhaodadh a bhith ann eadar seinn nan salm san nòs Ghàidhlig agus ceòl Soisgeulach Ameireaganach is Blues. Rinn i obair deich làithean aig Tramway le sgioba cruthachail à Alba, agus dithis chleasaichean às Ameireagaidh tro Skype, a chum taisbeanadh mu bheachdan airson Buaireas anns an Uisge / Trouble the Water. Às dèidh sin rinn i rannsachadh a bharrachd air a' phròiseact tron sgeama Starter for Ten aig Theatar Nàiseanta na h-Alba.

Gheibhear barrachd fiosrachaidh, ìomhaighean agus bhidio aig www.elspethturner.com.

Elspeth Turner is an Edinburgh-based actor and writer. Originally from Dunfermline in Fife, she studied acting at the American Academy of Dramatic Arts and Gaelic at Sabhal Mòr Ostaig. Her plays include The Idiot at the Wall directed by Emily Reutlinger and SpectreTown directed by Matthew Lenton, both of which played to critical acclaim at the Edinburgh Festival Fringe before touring nationally. She is the recipient of Playwriting awards from the Tom McGrath Trust and the Peggy Ramsay Foundation.

In December 2015 Glasgow Life commissioned Elspeth to develop a project based around Gaelic psalm singing and its possible connection to American Gospel and Blues. She worked for ten days at Tramway with a creative team in Scotland, and two actors in America via Skype, ending with a sharing of ideas for Buaireas anns an Uisge / Trouble the Water. She then went on to explore different elements of the project through the National Theatre of Scotland Starter for Ten Programme.

Further information, images and video can be found at www.elspethturner.com

Gaelic New Playwrights Award Recipient 2019

Elspeth is a recipient of a Gaelic New Playwrights Award for 2019. She will be developing Buaireas anns an Uisge / Trouble the Water (Tiotal obrach/Working title) as part of the programme:

Tha boireannach òg a' siubhal à Alba gu Ameireagaidh a Tuath. A' sireadh na fìrinn mu a sinnsireachd, feumaidh i a lorg am measg snaidhmean eachdraidh Ìmpireachd Bhreatainn, nach deach a theagasg dhi.

A' snìomhadh dannsa, ceòl agus fionn-sgeul, tha an dealbh-chluiche seo a' coimhead air na rinn Alba ann am Malairt tar-Atlantaigeach nan Tràillean bho shealladh nan Gàidheal, a' cur nan ceistean as cudromaiche a th' againn an-diugh mu dhìleab tràilleachd agus colonachadh.

A young woman is travelling from Scotland to North America. Searching for the truth of her ancestry, she finds she must untangle it from the knotted history of the British Empire she was never taught.

Entwining dance, music, and myth, this play will explore Scotland's role in the Transatlantic Slave Trade from a Gaelic perspective, posing some of the most pressing questions we are now facing about the legacies of slavery and colonization.

 

 

Photo: Beth Chalmers

Follow Playwrights’ Studio, Scotland on: Facebook Twitter