Gaelic Mentoring 2015

Ceistean Cumanta

Chuir mi a-steach airson Duais nan Dràmairean Ùra Gàidhlig roimhe ach cha deach mo thaghadh. A bheil seo a' ciallachadh nach eil sibh a' sireadh an t-seòrsa rud a bhios mise a' sgrìobhadh?

Is e buidheann leasachaidh airson dhràmairean a th' ann an Stiùidio Dhràmairean Alba, agus mar sin chan eil sinn a' sireadh stoidhle dealbh-chluich no seòrsa sgrìobadh sònraichte. Cuiridh sinn fàilte air uiread de bheachdan, sgeulachdan agus guthan as urrainn dhuinn.

Thèid an taghadh a dhèanamh le bhith a' coimhead air a h-uile pàirt den tagradh, chan ann a-mhàin air do chuid-sgrìobhaidh. Is iad na rudan a bhios sinn a' measadh:

  • Coltas is comas do bhun-bheachd is do ghuth
  • Do mhiann a bhith a' leasachadh nan sgilean sgrìobhaidh agus an eòlais agad
  • Cho deònach 's a tha thu a bhith a' gabhail ri beachdan air an sgrìobhadh agad, a bhith a' leasachadh do chuid-obrach a rèir seo, agus a bhith ag obair gu neo-eisimeileach air pròiseact fad bliadhna
  • An dòigh sam bith Duais nan Dràmairean Ùra Gàidhlig a' cur ri leasachadh do chuid-sgrìobhaidhean agus na h-amasan cruthachail agad

Tha e fìor-chudromach gum faigh na daoine a ghleidheas duais a' bhuannachd as fheàrr às a' phrògram. Mar sin, inns dhuinn uiread 's as urrainn dhut mun eòlas agad air sgrìobhadh agus ciamar a bheir an cothrom seo gu sònraichte buaidh air a' chleachdadh agad.

Ma tha thu air tagradh a chur a-steach roimhe agus tha thu fhathast a' faireachdainn gum faigheadh tu buannachd à Duais nan Dràmairean Ùra Gàidhlig, cuir a-steach a-rithist, ag innse dhuinn ciamar a tha do sgrìobhadh agus do dhreuchd a' tighinn air adhart.

Chuir mi a-steach airson Duais nan Dràmairean Ùra grunn tursan. Bha e doirbh nuair nach robh mi soirbheachail ach thug sin orm oidhirp nas motha a dhèanamh agus barrachd eòlas fhaighinn air sgrìobhadh airson tagradh na h-ath bliadhna. B' fheuch e an obair chruaidh sin, bha bliadhna air leth agam ag obair le fìor-dheagh mheanntair agus tha mi a' faireachdainn gu bheil mo thuigse air dè tha an lùib sgrìobhadh dealbh-chluich air tighinn air adhart gu mòr, taing don duais seo. Andy McGregor

Mura tèid mo thaghadh, am faigh mi bheachdan air mo chuid-obrach?

Thèid an taghadh a dhèanamh le bhith a' coimhead air a h-uile pàirt den tagradh, chan ann a-mhàin air do chuid-sgrìobhaidh. A chionn 's gu bheil sinn a' faighinn tòrr thagraidhean gach bliadhna, chan urrainn dhuinn beachdan sònraichte a thoirt thugad air do sgrìobhadh no air an tagradh agad.

Tha sinn a' tairgsinn chothroman airson beachdan fhaighinn air do chuid-obrach tron bhliadhna, mar eisimpleir an sgeama leantainneach Seirbheis Nàiseanta Leughadh Sgriobtaichean agus freastal-lannan-sgriobt, bho àm gu àm, mar phàirt den Phrògram Bhùithtean-obrach Poblach  againn.

Dèan cinnteach gum fo-sgrìobh thu airson nan e-naidheachdan againn agus gheibh thu fiosrachadh mu fhreastal-lannan-sgriobt agus cothroman eile a bhith a' faighinn bheachdan air an obair agad.

Am faod mi cur a-steach airson Meanntarachd agus airson Duais nan Dràmairean Ùra Gàidhlig aig an aon àm?

Tha an dà phrògram seo a' tairgsinn chothroman leasachaidh eadar-dhealaichte airson dhràmairean aig diofar ìrean sna dreuchdan aca, mar sin chan urrainn dhuinn gabhail ri tagraidhean airson an dà phrògram bhon aon tagraiche san aon bhliadhna.

Dè chuireas mi sna h-earrannan sgrìobhaidh agam?

Tha sinn ag iarraidh earrannan-sgrìobhaidh a bheir blas den sgrìobhadh agad don phannal-taghaidh. Chan eil sinn an dùil gum bi na h-earrannan foirfe. Feumaidh na h-earrannan agad a bhith à dealbhan-cluiche airson an àrd-ùrlair.

Tha e an urra riut fhèin dè chuireas tu a-steach. Feumaidh na h-earrannan a bhith à dà dhealbh-chluich eadar-dhealaichte.

Is dòcha nach eil thu air sgrìobhadh fhathast mun bheachd a tha fa-near dhut, agus mar sin chan eil dùil againn gum bi sin am measg nan earrannan agad. Ach, ma tha thu air tòiseachadh air sgrìobhadh mun bheachd ùr agad, faodaidh tu earrann dheth a chur a-steach.

Ciamar a thèid am meanntair agam a thaghadh.

Bruidhnidh sinn riut mu dheidhinn seo aig toiseach a' phrògraim. Bidh am meanntair agad na d(h)ràmaire le eòlas proifeiseanta.

 

Gaelic Books Council 

Follow Playwrights’ Studio, Scotland on: Facebook Twitter