Gaelic NPA

Modh Tagradh

Ceann-là airson thagraidhean: 5f, Diluain 10 an Dàmhair 2017

 

Tha Duaisean nan Dràmairean Ùra a' tairgsinn cothrom cudromach airson leasachadh proifeiseanta do chòignear dhràmairean a thatràth sna dreuchdan aca, a tha a' fuireach ann an Alba agus a tha fìor-èasgaidh mu sgrìobhadh dhan tèatar.

Tha sinn toilichte gum bi Comhairle nan Leabhraichean a' toirt taic do dhràmaire Gàidhlig a-rithist am bliadhna.

Bidh Stiùidio Dhràmairean Alba ag obair còmhla ris na dràmairean, a' toirt dhaibh tìde, àite, sùbailteachd agus taic-airgid airson na h-amasan cruthachail aca a thoirt air adhart is iad a' leasachadh sgriobt sònraichte.

Gheibh gach dràmaire a thèid a thaghadh:

  • Bursaraidh £2,000 airgead ullamh
  • Trì seiseanan meanntarachd, thairis air bliadhna, le dràmaire proifeiseanta a bheir cuideachadh dhaibh airson an cuid-obrach a thoirt air adhart
  • Seachdain aig Cove Park no àite coltach ris (a' gabhail a-steach cosgaisean siubhail agus per diem)
  • Latha leasachadh sgriobt le stiùiriche proifeiseanta agus cleasaichean

Cuiridh sinn air dòigh aon turas dhan tèatar aig a' char as lugha, a bharrachd air bùithtean-obrach agus cothroman eile a bhith a' coinneachadh ri proifeiseantaich tèatair, rèidio agus telebhisein.

Am measg nan daoine a fhuair an duais sna bliadhnaichean a dh'fhalbh tha: Stef Smith (Girl in the Machine, Swallow, agus Roadkill, a fhuair Duais Olivier); AJ Taudevin (Blow Off, Some Other Mother); Lesley Hart (World Domination, Three Seconds, Saint One,  Flameproof); Linda Duncan McLaughlin (Descent - a bha air geàrr-liosta airson Dealbh-chluich Ùr as Fheàrr aig na Duaisean CATS, 2016); agus Alison Lang (An Tango mu dheireadh ann am Partaig/Last Tango in Partick, Na Bi Tùrsach).

Am faod mi tagradh a chur a-steach?

  • Tha thu nad dhràmaire aig ìre thràth nad dhreuchd, cleachdte ri bhith a' leasachadh do chuid-sgrìobhaidh ann an suidheachadh bùth-obrach, tro leughaidhean ullaichte no le bhith ag obair còmhla ri daoine eile airson na sgilean agad a chur am feabhas
  • Is dòcha gun deach na dealbhan-cluiche agad a chur air an àrd-ùrlar, m.e. aig Plèidh, Pàidh agus Pinnt, no gu bheil thu air an obair agad fhèin a thaisbeanadh
  • Tha thu stèidhichte ann an Alba
  • Bidh thu saor Dimàirt 12 Dùbhlachd 2017 airson Latha-inntrigidh nan Dràmairean
  • Chan eil thu nad oileanach ann am foghlam làn-ùine (i.e. 16 uairean no barrachd san t-seachdain) aig toiseach prògram Duais nan Dràmairean Ùra Gàidhlig. Gabhaidh sinn ri tagraidhean bho dhaoine a tha ann am foghlam pàirt-ùine, ach bidh seo a rèir mar a tha e ceangailte ris a' chùrsa agad.

Tha Stiùidio Dhràmairean Alba fosgailte do dhràmaire sam bith agus tha e ag obair air feadh na h-Alba. Tha sinn a' creidsinn gu bheil iomadachd riatanach airson roinn chultarail bheòthail agus bidh sinn ag obair còmhla ri sgrìobhadairean às gach ceàrnaidh.

A chionn 's nach eil iad air an riochdachadh air stèidh cho-ionnan ri càch, tha sinn a' strì airson tagraidhean agus riochdachadh air na prògraman againn a bhrosnachadh bho dhràmairean a tha:

  • a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig no Scots
  • a' fuireach taobh a-muigh meadhan na h-Alba
  • Dubh, Àisianach no à Mion-shluagh Cinnidheach
  • ciorramach

Ciamar a thèid daoine a thaghadh airson Duais nan Dràmairean Ùra Gàidhlig?

Chan eil ach aon àite ri fhaighinn gach bliadhna agus bidh sinn a' faighinn tòrr a bharrachd thagraidhean na 's urrainn dhuinn taic a thoirt dhaibh. Thèid an tagradh agad a mheasadh le luchd-obrach Stiùidio Dhràmairean, le taic bho dhaoine a fhuair an duais roimhe agus daoine eile a' riochdachadh roinn nan ealan agus a' chultair. Ann a bhith a' taghadh tagraiche, bidh am pannal a' coimhead air:

  • Coltas is comas do bhun-bheachd is do ghuth
  • Do mhiann a bhith a' leasachadh nan sgilean sgrìobhaidh agus an eòlais agad
  • Cho deònach 's a tha thu a bhith a' gabhail ri beachdan air an sgrìobhadh agad, a bhith a' leasachadh do chuid-obrach a rèir seo, agus a bhith ag obair gu neo-eisimeileach air pròiseact fad bliadhna
  • An dòigh sam bith Duais nan Dràmairean Ùra Gàidhlig a' cur ri leasachadh do chuid-sgrìobhaidhean agus na h-amasan cruthachail agad

Faodaidh tu an tagradh agad a chur a-steach sa Ghàidhlig.

Ciamar a chuireas mi tagradh a-steach?

Bidh sinn a' cleachdadh siostam rianachd thagraidhean Submittable airson tagraidhean a làimhseachadh. Ma tha duilgheadasan sam bith agad ann a bhith a' cleachdadh Submittable, cuir fios thugainn air 0141 332 4403 no aig info@playwrightsstudio.co.uk.

Mura h-eil e comasach dhut Submittable a chleachdadh, faodaidh tu an tagradh agad a chur thugainn tron phost gu:

Duais nan Dràmairean Ùra Gàidhlig, Stiùidio Dhràmairean Alba, CCA, 350 Sràid Sauchiehall, Glaschu, G2 3JD.

Mas ann tron phost a tha sibh a' cur tagradh, feumaidh tu Foirm Sgrùdadh Co-ionannachd a chur na chois.

Feumaidh tu na rudan seo a chur thugainn:

  • Fiosrachadh conaltraidh (ainm, seòladh agus àireamh fòn-làimhe)
  • Aithisg-taice ag innse dhuinn ciamar a bhios Duais nan Dràmairean Ùra Gàidhlig na cuideachadh dhut mar dhràmaire. Inns dhuinn mu leasachadh sgriobt sam bith anns an robh thu an sàs agus ciamar a rinn seo diofar dhan dòigh anns a bheil thu a' smaoineachadh mun sgrìobhadh agad. Cha bu chòir seo a bhith nas fhaide na 1,500 facal.
  • Mìneachadh air beachd a th' agad airson sgriobt a bu mhath leat leasachadh
  • Dà earrann 10-duilleagan den sgrìobhadh agad (dealbhan-cluiche a-mhàin, cha bu chòir dhan dà earrann a bhith às an aon dealbh-chluich). Faodaidh tu na h-earrannan seo a luchdadh suas mar aon fhaidhle no ann am faidhlichean fa-leth
  • Geàrr-iomradh air gach dealbh-chluich (mu 50 facal)
  • CV mun eòlas a th' agad air sgrìobhadh thuige seo
  • Dearbhadh gu bheil thu saor Dimàirt 12 Dùbhlachd 2017.

Gheibh thu post-d a' dearbhadh gun d' fhuair sinn do thagradh.

Ceann-là airson thagraidhean: 5f, Diluain 25 Sultain 2017.

 submit


Sgrùdadh Co-ionannachd

An uairsin thèid iarraidh ort beagan a bharrachd fiosrachadh a thoirt ma do dheidhinn fhèin. Tha am fiosrachadh seo gun urra agus airson sgrùdadh co-ionannachd a-mhàin.  Thèid am fiosrachadh seo a chumail air leth bhon tagradh agad.

Nuair a tha thu air na ceistean uile a chriochnachadh, gliog air am putan deireannach Submit. Bu chòir dhut an uairsin post-dealain fhaighinn a' dearbhadh dhut gun do dh'fhalbh an tagradh agad.


Gaelic Books Council

Follow Playwrights’ Studio, Scotland on: Facebook Twitter