Gaelic Mentoring 2015

Ceistean Cumanta

Tha mi air cur a-steach a-cheana airson Duais nan Dràmairean Ùra, ach cha deach mo thaghadh. A bheil seo a' ciallachadh nach eil an sgrìobhadh agam freagarrach don adhbhar agaibh?

Is e buidheann leasachaidh do dhràmairean a th' ann an Stiùidio nan Dràmairean, agus mar sin chan eil sinn a' coimhead airson stoidhle shònraichte de dhealbh-chluich no de sheòrsa sgrìobhaidh. Tha sinn a' cur fàilte air nas urrainn de dhiofar bheachdan, sgeulachdan is ghuthan.

Tha taghadh ga dhèanamh le bhith a' beachdachadh air na diofar shlatan-tomhais uile, chan e dìreach an sgrìobhadh agad. Is iad na slatan-tomhais:

  • Tùsalachd is comasachd do bheachd agus do ghuth
  • Do dhealas a thaobh leasachadh air do sgilean is air d' eòlas ann an sgrìobhadh dràma
  • Do chomas air gabhail ri ais-fhiosrachadh mu d' obair, an ais-fhiosrachadh seo a chur an gnìomh agus obair gu neo-eisimeileach air pròiseact airson bliadhna.
  • Mar a chuireas Duais nan Dràmairean Ùra ri leasachadh air do sgrìobhadh agus do dhreuchd-beatha.

Tha e glè chudromach gum faigh an luchd-faighinn an t-eòlas as fheàrr a ghabhas bhon phrògram,  mar sin innis dhuinn nas urrainn dhut mud eòlas sgrìobhaidh agus mar a bheir an cothrom seo gu h-àraid buaidh air do chiùird.

Ma chuir thu tagradh a-steach roimhe agus tu fhathast a' faireachdainn gu bheil Duais nan Dràmairean Ùra na chothrom bho am faigheadh tu buannachd, cuir tagradh a-steach a-rithist ag innse dhuinn mar a tha do sgrìobhadh agus do dhreuchd-beatha a' dèanamh adhartas.

"Chuir mi tagradh a-steach grunn tursan roimhe gu program Duais nan Dràmairean Ùra. Bha e doirbh a bhith air mo dhiùltadh ach thug e orm feuchainn nas cruaidhe agus barrachd eòlais air sgrìobhadh fhaotainn airson tagradh na h-ath bhliadhna. Phàigh an obair chruaidh sin dhomh, bha àm sàr-mhath agam ag obair le meantar den ìre as àirde agus tha mi a' faireachdainn gu bheil mo thuigse do na tha an lùib dealbh-chluich a sgrìobhadh, air gluasad air adhart gu mòr mar thoradh air an duais."  Andy McGregor

Mura tèid mo thaghadh, an toir sibh seachad ais-fhiosrachadh air m' obair?

Tha taghadh ga dhèanamh le bhith a' beachdachadh air diofar shlatan-tomhais, chan e dìreach do sgrìobhadh. Air sgàth seo, agus an àireamh de thagraidhean a bhios sinn a' faighinn gach bliadhna, chan eil sinn comasach air ais-fhiosrachadh sònraichte a thoirt seachad mud sgrìobhadh no mun tagradh agad.

Tha sinn a' solarachadh àireamh de chothroman airson ais-fhiosrachadh fhaotainn air d' obair rè na bliadhna, a' gabhail a-steach na Seirbheis Leughaidh Sgriobt Nàiseanta agus freastal-lannan sgriobt a thathar a' ruith an-dràsta 's a-rithist mar phàirt de ar Prògram Bùth-obrach Phoblach. Dèan cinnteach gu bheil thu clàraichte airson nan e-naidheachdan againn fhaotainn agus gheibh thu fiosrachadh mu fhreastal-lannan sgriobt agus cothroman sam bith eile air ais-fhiosrachadh.

An urrainn dhomh tagradh airson prògram Meantaraidh agus Duais nan Dràmairean Ùra aig an aon àm?

On a tha an dà phrògram a' tabhann diofar chothroman leasachaidh do dhràmairean aig diofar ìrean de an dreuchd-beatha, chan urrainn dhuinn gabhail ri tagraidhean do na dhà bhon aon tagraiche san aon bhliadhna. Mura h-eil thu cinnteach dè am fear don dèan thu tagradh, leugh earrannan nan slatan-tomhais agus Ceistean Bitheanta de gach Prògram gu cùramach. Bi soilleir mu dheidhinn na tha thu an dòchas a chosnadh bhon Phrògram a thaghas tu, agus bu chòir seo do chuideachadh a' co-dhùnadh dè am fear as iomchaidh do na feumalachdan agad.

Dè bu chòir dhomh a ghabhail a-steach sna h-às-earrannan sgrìobhaidh agam.

Tha sinn ag iarraidh às-earrannan sgrìobhaidh airson sealladh a thoirt don phannal taghaidh air an sgrìobhadh agad. Chan eil sinn a' sùileachadh gum bi na h-às-earrannan foirfe. Feumaidh na h-às-earrannan agad a thighinn bho dhealbhan-cluiche àrd-ùrlair.

Tha e an urra riut fhèin dè tha thu airson a chur a-steach. Feumaidh na h-às-earrannan a bhith bho dhà dhiofar dealbh-chluich.

Dh'fhaodadh nach eil am beachd air a bheil thu airson obrachadh sgrìobhte fhathast agus mar sin chan eil sinn an dùil gur e sin aon de na h-às-earrannan a bhios agad. Ach, ma tha thu air tòiseachadh a' sgrìobhadh mud bheachd, tha thu di-beathte pìos bhuaithe a chur a-steach.

Ciamar a bhios am meantar agam air a thaghadh?

Airson Duais nan Dràmairean Ùra, bidh am meantar agad mar aon de na Co-phàirtichean Dràma againn no meantar ag obair air a c(h)eann fhèin.  Airson Duais nan Dràmairean Ùra Gàidhlig, nì sinn deasbad air an taghadh seo leat aig toiseach a' phrògraim. Is e dràmaire proifeiseanta eòlach a bhios gad mheantaradh.

 

Gaelic Books Council 

Follow Playwrights’ Studio, Scotland on: Facebook Twitter