Gaelic NPA

Modh Tagradh

Ceann-ama: Diluain 1 Dàmhair 2018

Tha Duaisean nan Dràmairean Ùra a' toirt cothrom leasachaidh cudromach proifeiseanta do cheathrar dhràmairean aig toiseach an dreuchd, a tha a' còmhnaidh ann an Alba agus a tha fìor dhealasach mu sgrìobhadh don thèatar. 

Tha sinn air leth toilchte gu bheil Comhairle nan Leabhraichean a' leantainn air aghaidh a' cur taic ri aon duais do dhràmaire Gàidhlig.

Bidh Stiùidio Dhràmairean Alba ag obair còmhla ris na dràmairean a' toirt dhaibh ùine, farsaingeachd, sùbailteachd agus taic ionmhasail airson an obair a leasachadh, agus cuideachadh le an glòir-mhiannan cruthachail a thoirt gu ìre le bhith a' cuimseachadh air sgriobt shònraichte.

Gheibh gach dràmaire a thèid a thaghadh:

  • Bursaraidh airgid £2,000
  • Trì seiseanan meantaraidh thairis air bliadhna, le dràmaire proifeiseanta gan cuideachadh a' gluasad an obair air adhart
  • Ratreut fad seachdaine (a' gabhail a-steach cosgaisean siubhail agus cuibhreann làitheil) aig Pàirc Còbh no a leithid eile
  • Latha an sàs ann an leasachadh sgriobt le stiùiriche agus cleasaichean proifeiseanta

Bidh sinn cuideachd ag eagrachadh co-dhiù aon turas thèatar agus a' ruith bhùithtean-obrach is cothroman eile airson coinneachadh ri proifeiseantaich thèatar, rèidio agus TBh.

Am measg luchd-faighinn dhuaisean roimhe, tha Hammad Chaudry (An Ordinary Muslim); Frances Poet (Adam, Gut), Stef Smith (Girl in the Machine, Swallow, agus Roadkill a bhuannaich duais Olivier); AJ Taudevin (Blow Off, Some Other Mother); Lesley Hart (World Domination,Three Seconds, Saint One, Flameproof); Linda Duncan McLaughlin (Descent- air a' gheàrr-liosta mar an Dealbh-chluich Ùr as Fheàrr aig Duaisean CATS 2016); Alison Lang (An Tango mu dheireadh ann am Partaig/Last Tango in Partick, Na Bi Tùrsach); Morna Young (Aye, Elvis).

A bheil mi freagarrach?

  • Is e dràmaire a th' annad aig toiseach do dhreuchd le eòlas air leasachadh do chuid obrach ann an àrainneachd bùth-obraich, tro leughaidhean air an ath-aithris no ag obair còmhla ri feadhainn eile gus feabhas a thoirt air do sgilean.
  • Dh'fhaodadh gu bheil dealbhan-cluiche agad a thugadh gu buil m.e. A Play, A Pie and A Pint, no 's dòcha gun do riochdaich thu d' obair fhèin.  
  • Tha thu stèidhichte ann an Alba.
  • Bidh tu saor Diciadain 12 Dùbhlachd 2018 airson Latha Inntrigidh nan Dràmairean.  
  • Chan e oileanach a th' annad ann am foghlam foirmeil làn-thìde (i.e. 16 uairean a thìde no barrachd san t-seachdain) aig toiseach prògram Duaisean nan Dràmairean Ùra/Duaisean nan Dràmairean Ùra Gàidhlig. Dh'fhaodadh gun tèid beachdachadh air tagraidhean bho dhaoine fa leth a tha a' gabhail cùrsa ionnsachaidh pàirt-thìde os làimh. Ach, bidh seo an crochadh air mar a bhios e co-cheangailte ris a' chùrsa agad.

Tha Stiùidio nan Dràmairean fosgailte do dhràmairean uile agus ag obair air feadh Alba air fad. Tha sinn a' creidsinn gu bheil iomadachd deatamach do earrann chultarach shoirbheachail agus bidh sinn ag amas air obrachadh gu gnìomhach le sgrìobhadairean bho raon de dhiofar dhualchasan.

On tha iad gu làithreach air am fo-riochdachadh, tha sinn a' strì ri tagraidhean agus riochdachadh a mheudachadh taobh a-staigh ar prògraman bho dhràmairean:

  • sgrìobhadh ann an Gàidhlig no Albais (thoiribh aire, tha Duais ainmichte do sgrìobhadairean Gàidhlig a' faotainn taic bho Chomhairle nan Leabhraichean)
  • stèidhichte taobh a-muigh meadhan Alba
  • bho dhualchas Dubh, Àisianach no Mion-Chinnidheach
  • le ciorraman

Ciamar a tha am pròiseas taghaidh ag obair a thaobh Duaisean nan Dràmaireann Ùra agus Duaisean nan Dràmairean Ùra Gàidhlig?

Tha àireamh chuibhrichte de dh'àiteachan rim faotainn gach bliadhna agus bidh mòran a bharrachd thagraidhean a' tighinn a-steach thugainn na tha sinn comasach air taic a thoirt.  Bidh an tagradh agad air a mheasadh agus air a bheachdachadh le luchd-obrach Stiùidio nan Dràmairean, le taic bho luchd-faighinn na Duaise roimhe agus riochdairean eile bho roinn nan ealan is cultair. Air a'  phannal taghaidh am-bliadhna tha Ben Harrison, Co-Stiùiriche Ealanta Grid Iron, Lesley Hart, cleasaiche, dràmaire agus neach-faighinn Duais Dhràmairean Ùra roimhe, agus Màiri Kidd, Ceannard Eadar-amail air Litreachas, Cànanan is Foillseachadh aig Alba Chruthachail. Ann an dèanamh taghadh, bidh am pannal a' beachdachadh air:

  • Tùsalachd is comasachd do bheachd agus do ghuth
  • Do dhealas ann an leasachadh do sgilean is do eòlas ann an sgrìobhadh drama 
  • Do chomas air gabhail ri ais-fhiosrachadh mu d' obair, obrachadh air an ais-fhiosrachaidh sin, agus obair gu neo-eisimeileach air pròiseact airson bliadhna
  • Mar a chuireas Duais nan Dràmairean Ùra ri leasachadh do sgrìobhaidh agus dod àrd-amasan cruthachail

Faodaidh dràmairean a bhios a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig an tagradh iomlan a chur a-steach ann an Gàidhlig.

Ciamar a chuireas mi a-steach tagradh?

Tha sinn a' cleachdadh an t-siostam Submittable airson stiùireadh thagraidhean gus am pròiseas tagraidh againn a dhèanamh nas èifeachdaiche. Ma bhios duilgheadasan sam bith aig neach a' cleachdadh Submittable, cuiribh fios thugainn aig 0141 332 4403 no aig info@playwrightsstudio.co.uk.

Mura h-eil thu comasach air Submittable a chleachdadh, faodaidh tu an tagradh agad a chur tron phost gu:

Duaisean nan Dràmairean Ùra, Stiùidio nan Dràmairean Alba, CCA, 350 Sràid Sauchiehall, Glaschu, G2 3JD.

Ma tha thu a' cur an tagraidh agad tron phost, feumaidh tu Foirm Sgrùdadh Co-ionannachd a chur na lùib.   

Feumaidh tu na leanas a thoirt seachad:

  • Fiosrachadh conaltraidh (a' gabhail a-steach ainm, seòladh agus àireamh fòn-làimhe)
  • Aithris taic ag innse mar a bhios Duais nan Dràmairean Ùra na buannachd don adhartas agad mar sgrìobhaiche-dràma. Feuch gun innis thu dhuinn mu leasachadh sgriobt sam bith san robh thu a' com-pàirteachadh agus mar a tha seo air diofar a dhèanamh air an dòigh sa bheil thu a' smaoineachadh mud sgrìobhadh. Cha bu chòir don seo a bhith barrachd air 1,500 facal.
  • Tuairisgeul air beachd airson sgriobt air am bu mhath leat cuimseachadh
  • Dà shampall 10-duilleagan den sgrìobhadh agad (dealbhan-cluiche a-mhàin, cha bu chòir do na sampaill a bhith bhon aon dealbh-chluich).  Faodaidh tu na sampaill a luchdachadh suas mar fhaidhle shingilte no mar fhaidhlichean fa leth.
  • Geàrr-iomradh air gach dealbh-chluich (timcheall air 50 facal)
  • Cunntas-beatha (CV) a' toirt fiosrachadh mionaideach air d' eòlas sgrìobhaidh gu ruige seo   
  • Eadar gum b' fheàrr leat sgrìobhadh ann am Beurla, Gàidhlig no Albais
  • Daingneachadh gum bi thu saor air Diciadain 12 Dùbhlachd 2018.

Gheibh thu post-d a' dearbhadh gun d' fhuaireadh an tagradh agad.

Ceann-latha deireannach airson tagraidhean: 5f, Diluain 1 Dàmhair 2018

Gheibh tagraichean fiosrachadh mu bhuil an tagraidh aca gun a bhith nas fhaide na Dihaoine 23 Samhain 2018.

 submit


Gaelic Books Council

Follow Playwrights’ Studio, Scotland on: Facebook Twitter