Gaelic Playwrights 16

Prògram Comhairleachaidh Gàidhlig

Applications are now closed

Tha Stiuidio Dhràmairean Alba a' toirt cuireadh dhuibh tagradh a chur a-steach airson Prògram ùr Meanntarachd Gàidhlig. Tha am Prògram seo maoinichte le Bòrd na Gàidhlig agus a' solarachadh cothrom brosnachail do dhà sgrìobhadair Gàidhlig gu an sgilean a leasachadh an taobh a-staigh ceàird sgrìobhaidh dràma.

Thèid dithis sgrìobhadairean a tha a' tighinn am bàrr no a tha tràth nan dreuchd, a thaghadh airson prògram meanntarachd le sgrìobhadair-dràma proifeiseanta le eòlas, gus taic a chur ri leasachadh dealbh-chluich ùr. Is e cothrom a tha seo airson sgilean sgrìobhaidh dràma a chur am feabhas agus in-shealladh luachmhor fhaotainn air pròiseas sgrìobhaidh dràma agus air an dreuchd.

Gheibh an dà sgrìobhadair sia seiseanan meanntarachd thar ùine de naoi mìosan agus bùth-obrach co-roinnte air leasachadh an sgriobtaichean còmhla ri stiùiriche agus cleasaichean proifeiseanta. Bidh co-dhiù aon turas don taigh-cluiche air eagrachadh aig an àm seo, a thuilleadh air bùithtean-obrach taic agus cothroman air coinneachadh ri raon de phroifeiseantaich.  

A bheil mi freagarrach airson a' Phrògram Meanntarachd?  

  • Is e sgrìobhadair a th' annad le Gàidhlig, a' fuireach ann an Alba;
  • Chan fheum an stuth agad a bhith air a riochdachadh, air fhoillseachadh no air a chraoladh airson tagradh a chur a-steach ach cha bu chòir barrachd na aon dealbh-chluich leat a bhith riochdaichte;
  • Tha beachd-smuain sònraichte agad a tha thu an dòchas a leasachadh tron mheanntarachd; 
  • Bidh tu saor bhon Dùbhlachd fad naoi mìosan airson obrachadh air an sgriobt agad, a' coinneachadh sia tursan leis a' mheanntair agad thar na h-ùine sin;
  • Chan e oileanach a th' annad ann am foghlam foirmeil làn-ùine ('s e sin, 16 uairean a thìde no barrachd san t-seachdain) aig toiseach a' Phrògraim Meanntarachd. Dh'fhaodadh gum beachdaichear air tagraidhean bho dhaoine fa leth a tha ag obair aig ìre phroifeiseanta an taobh a-staigh saoghal nan ealan is film, a' gabhail cùrsa ionnsachaidh pàirt-ùine os làimh, ach bidh seo a rèir a cho-cheangal ris a' chùrsa;

Ciamar a nì mi tagradh?

Gus tagradh airson meanntarachd, cuir thugainn, mas e do thoil e:

Ann an Gàidhlig no Beurla (no ann am Beurla mas e as fheàrr leat):

  • Litir a' mìneachadhcarsonbu mhath leat a bhith air do mheanntarachd agus do chuid dealais ann an leasachadh d' eòlas air sgrìobhadh dràma.
  • Am mion-fhiosrachadh làithreach agad fhèin agus cunntas-beatha goirid a' mìneachadh d' eòlas sgrìobhaidh gu ruige seo.

Ann an Gàidhlig no Beurla:

  • Earrann de dheich duilleagan den sgrìobhadh agad agus geàrr-iomradh air a' phìos às an tàinig an earrann sin.
  • Beachdan air aon duilleig air mar a dhèiligeadh tu le beachd-smuain bu mhath leat a leasachadh.

Air an làimh eile, nam b' fheàrr leat an tagradh agad a chur don phost, cuir e gu: Tagraidhean Meanntarachd, Stiùido Dhràmairean Alba, CCA, 350 Sràid Sauchiehall, Glaschu, G2 3JD.

Thèid beachdachadh air an tagradh agad le pannal agus am meanntar, Co-phàirtichean Sgrìobhadh Dràma Stiuidio Dhràmairean Alba, agus Fiona Sturgeon Shea (Stiùiriche Cruthachail, Stiuidio Dhràmairean Alba).

Bord na Gaidlig 2

Top image: Gaelic Mentored Playwright Chrisella Ross, Gaelic Mentor Alison Lang and Gaelic New Playwright Award recipient Marcas Mac an Tuairneir. Photo Credit: Mihaela Bodlovic

Follow Playwrights’ Studio, Scotland on: Facebook Twitter