Ten

Duais airson Sgrìobhadh Dràma Gàidhlig 2020

Calum L. MacLeòid

Rugadh agus thogadh Calum L. MacLeòid ann an Inbhir Nis agus tha ceanglaichean làidir aige ri Barraigh, gu h-àraid ceann a tuath an eilein. Rinn e ceum ann an Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. Bidh e a' sgrìobhadh nobhailean, bàrdachd agus sgeulachdan ghoirid. Bha e trì bliadhna a' sgrìobhadh colbhan airson a' phàipear-naidheachd The National agus tha e a-nis na fhear-naidheachd aig a' BhBC.

Is e an dealbh-chluich a bhios Calum a' leasachadh mar phàirt den Duais Sgrìobadh Dràma Ghàidhlig aige:

Nuair a mharbh Dòmhnall Moireasdan bounty-hunter a bha air a thòir, dh'fheuch feachdan stàit Chanada a chur an greim. Ach cha robh a choimhearsnachd deònach leigeil leotha. Fad am bliadhna 1888 chum an coimhearsnachd bheag de Ghàidheil anns na bailtean sear de Quebec taic ris. Fad a t-siubhail tha esan cuideachd a' feuchainn ri càradh nan dàimhean aige leis a theaghlach aige fhèin. Sgeul mu dhèidhinn bochdainn, ìmpireachd, agus dreuchd nan Gàidheil ann a bhith cruthachadh colonaidhean Bhreatainn, agus mar a dh'atharraich an iomairt sin iad fhèin agus an tìr ris an canar Canada.

Follow Playwrights’ Studio, Scotland on: Facebook Twitter