Gaelic NPA

Mun Duais airson Sgrìobhadh Dràma Gàidhlig

Ceann-là airson thagraidhean: 5f, Diciadain 30 Sultain 2020.

Is e cothrom leasachaidh phroifeiseanta ùr a tha san Duais airson Sgrìobhadh Dràma Gàidhlig. Tha e fosgailte do sgrìobhaichean-dràma a tha stèidhichte no tràth nan dreuchdan, a' fuireach ann an Alba agus a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig. Tha Comhairle nan Leabhraichean a' cumail taic ris an Duais seo.

Obraichidh sinn còmhla ris an sgrìobhadair a thèid a thaghadh gus ùine, àite agus taic mhaoineachaidh a thoirt dhaibh gus an obair a leasachadh agus na h-amasan cruthachail aca a thoirt air adhart le bhith ag obair air sgriobt sònraichte.

Cuirear fàilte air tagraidhean bho dhràmairean, sgrìobhadairean ficsean, bàird no sgrìobhadairean òran a bhios a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig, a tha airson obair ùr stèidhichte air sgriobt a leasachadh airson an àrd-ùrlair. Do dhaoine nach eil nan dràmairean, bhiodh e na chuideachadh nam biodh tomhas de dh'eòlas aca air riochdachadh no leasachadh tèatar gus am faigh iad an luach as motha às an Duais seo. Feumaidh iad a bhith dealasach mu bhith a' sgrìobhadh dràma airson an àrd-ùrlair.

Teachdaireachd mu ChOVID-19

Lìbhrigeadh nam Prògraman
Gun teagamh bidh atharrachaidhean air an dòigh sam bi sinn a' lìbhrigeadh nam Prògraman againn, an-dràsta agus san àm ri teachd. Tha sinn a' sùileachadh nach bidh a' chuid as motha de na gnìomhan againn ann an 2020 a' tachairt aghaidh ri aghaidh ach gum bi iad air-loidhne no air an làimhseachadh ann an dòighean eile. Bidh sinn sùbailte a thaobh feumalachdan nan dràmairean agus an luchd-ealain eile a bhios an sàs, a rèir stiùireadh an Riaghaltais, agus nan goireasan againn fhìn.

Cruthachas
Ma tha thu a' cur a-steach airson ar Prògraman, tha sinn ag iarraidh ort a bhith a' smaoineachadh air sgeulachdan, caractaran, suidheachaidhean, no cruthan a tha nan dùbhlan cruthachail dhut. Tha sinn a' cur nam Prògraman seo air bhog eadar an glasadh-sìos agus an 'àbhaisteachd ùr', ach tha rudan ag atharrachadh fad na h-ùine. Mar sin, ged a bhios am monolog ud mu aonaranachd air a sgrìobhadh is a thaisbeanadh air Zoom a' faireachdainn cudromach an-dràsta, is dòcha nach mair e mar a bha thu an dùil.

Is e ar teachdaireachd dhut gun a bhith a' cur bacadh air do mhacmeanmna no a bhith a' faireachdainn gu bheil casg air na sgeulachdan a tha thu airson innse no ciamar a tha thu airson an innse.

Bursaraidh
Thèid seo a phàigheadh cho luath 's a ghabhas às dèidh dhuinn an Litir Aonta fhaighinn le ainm-sgrìobhte an dràmaire.

 
Dè tha an lùib na Duais airson Sgrìobhadh Dràma Gàidhlig?

  • Bursaraidh £2,000.
  • Trì seiseanan air sgriobtaichean le Dràmaire Compàirteach no proifeiseantach tèatair bhon taobh a-muigh. Thèid pasgan de taic a thogail dhut a dh'aona-ghnothach a rèir dè tha thusa a' faireachdainn a bhios feumail dhut ann a bhith a' leasachadh an sgriobt agad.
  • Muinntireas fad seachdain aig Cove Park no ionad coltach ris, gus ùine a thoirt dhut a bhith ag obair air an sgriobt agad. Pàighidh sinne airson siubhal agus bidh pàigheadh làitheil airson biadh.
  • Latha leasachaidh sgriobt le stiùiriche agus cleasaichean proifeiseanta.
  • Cothrom deasg a chleachdadh ann an Seòmar Sgrìobhaidh Tom MhicRàith.
  • Bùithtean-obrach air sgilean. Sna bliadhnaichean a dh'fhalbh, bha bùithtean-obrach air Sgrìobhadh airson Rèidio le David Ian Neville, a bha na riochdaire dràma rèidio aig a' BhBC, agus air Inntrigeadh don Ghnìomhachas Sgrìobhaidh Dràma le Stephen Greenhorn, sgrìobhadair dràma airson an sgàilein agus an àrd-ùrlair.
  • Togail coimhearsnachd, a' gabhail a-steach co-dhiù ceithir bùithtean-obrach agus aon chòmhradh phannail, agus cothrom a bhith a' coinneachadh gu sòisealta.
  • Turas Cultarail, a' gabhail a-steach taisbeanadh dealbh-cluiche ann an thèatar le sgrìobhadairean eile bho Phrògram nan Dràmairean, agus cothrom a bhith a' coinneachadh ri daoine ann an obraichean cudromach sa ghnìomhachas ann an Alba. An-dràsta, chan eil e comasach dhuinn deit a chur air dòigh airson seo le cinnt, ach thathas an dòchas gun tachair e as t-earrach 2022 aig a' char as anmoiche.

Prìomh chinn-là:

  • Dihaoine 4 Dùbhlachd: Latha Inntrigidh airson Prògram nan Dràmairean.
  • Dihaoine 26 Gearran: Bùth-obrach 1 (ri dhearbhadh).
  • Dihaoine 2 Giblean: Còmhradh pannail le daoine sa ghnìomhachas ann an Alba.
  • Dihaoine 30 Giblean: Bùth-obrach 2 (ri dhearbhadh).
  • Lùnastal/Sultain:Latha bhùithtean-obrach air sgrìobhadh dhealbhan-cluiche, air an lìbhrigeadh le com-pàirtichean bhon taobh a-muigh.
  • Feumar a h-uile duais airson sgrìobhadh dràma 2020/21 a bhith ullamh ro 31 Màrt 2022.

 

Am measg nan daoine a fhuair an duais seo roimhe tha: Catrìona Lexy Chaimbeul (Shrapnel); Iain MacRath (Taigh Sheonachain/Shonnachan's House) agus Màiri Mhoireasdan (Bana-Ghaisgich/Heroines)

Mus cuir thu a-steach do thagradh, leugh na Ceistean Cumanta agus Foirm-tagraidh Practas & Stiùireadh.

 

Gaelic Books Council 

Follow Playwrights’ Studio, Scotland on: Facebook Twitter