MentorPastbanner

Duais airson Sgrìobhadh Dràma Gàidhlig – Modh Tagraidh

Tha Tagraidh a-nis dùinte

Am faod mi cur a-steach?

Ma tha thu a' dol a chur tagradh a-steach airson na Duais airson Sgrìobhadh Dràma Gàidhlig, feumaidh tu a bhith:

  • Tràth nad dhreuchd no stèidhichte mar sgrìobhadair proifeiseanta
  • A' fuireach ann an Alba   
  • Gun a bhith air Duais nan Dràmairean Gàidhlig Ùra fhaighinn roimhe
  • Saor Diciadain 4 Dùbhlachd 2019 airson Latha Inntrigidh Prògram Sgrìobhaidh Dràma. Mura h-eil thu saor air an latha seo, cuir fios thugainn aig info@playwrightsstudio.co.uk mus cuir thu do thagradh a-steach.
  • Gun a bhith nad oileanach làn-ùine ann am foghlam foirmeil (16 uairean no barrachd san t-seachdain) aig toiseach na Duais airson Sgrìobhadh Dràma Gàidhlig. Gabhaidh sinn ri tagraidhean bho dhaoine a tha ag ionnsachadh pàirt-ùine.

A bheil an Duais airson Sgrìobhadh Dràma Ùr ceart dhomh?

Tha an Duais airson Sgrìobhadh Dràma Gàidhlig ag amas air sgrìobhaichean dràma a tha ùr nan dreuchdan no air sgrìobhaichean stèidhichte aig a bheil:

  • Eòlas air leasachadh dhealbhan-cluiche ann am bùithtean-obrach, tro ruith-thairis agus leughaidhean, no tro bhith ag obair le daoine eile airson do sgilean a leasachadh
  • Obair a chaidh a riochdachadh, m.e. aig Plèidh, Paidh, Pinnt, no obair a tha thu fhèin air riochdachadh

Slatan-tòmhais airson sgrìobhaichean ann an gnèithean eile

Sgrìobhaichean Ficsean Gàidhlig

  • Tha co-dhiù aon chruinneachadh de sgeulachdan goirid, nobhaileag no nobhail agad air fhoillseachadh; no co-dhiù 2 phìos ficsean goirid fhoillseachadh ann an iris aithnichte (air a dheasachadh le neach-deasachaidh Gàidhlig cliùiteach), m.e. Steall, Gath

Bàird Thraidiseanta

  • Tha co-dhiù aon chruinneachadh agad air fhoillseachadh, no tha a' bhàrdachd agad air fhoillseachadh co-dhiù trì tursan ann an iris le neach-deasachaidh Gàidhlig aithnichte, e.g. Steall, Gath, Northwords Now, etc.

Bàird Labhairteach

  • Tha thu air do bhàrdachd a thaisbeanadh aig ionadan/tachartasan le cliù iomchaidh, e.g. mar phàirt de chuairt no fèis aithnichte.

Sgrìobhaichean Òran

  • Tha trì creideasan sgrìobhaidh agad airson òrain a chaidh a riochdachadh/fhoillseachadh/chlàradh


Mas e sgrìobhaiche proifeiseanta a th' annad a bhios a sgrìobhadh sa Bheurla agus tha thu airson tionndadh dhan Ghàidhlig, feumaidh tu dearbhadh gu bheil na sgilean cànain agad airson seo a dhèanamh.

Tha Stiùidio nan Dràmairean fosgailte do dràmairean is obair sam bith ann an Alba. Mar sin,tha sinn a' cur fàilte air tagraidhean bho dhaoine a tha a' fuireach taobh a-muigh meadhan na h-Alba.

Tha sinn den bharail gu bheil iomadachd riatanach airson roinn chultarail bheothail a chruthachadh agus bidh sinn ag amas air obair còmhla ri sgrìobhaichean eadar-dhealaichte.

Bho nach eil iad air an riochdachadh dhan ìre am bu chòir aig an àm seo, tha sinn airson tagraidhean fhaighinn agus na prògraman againn a libhrigeadh gu sgrìobhaichean dràma a tha:

  • a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig no Albais
  • a' fuireach taobh a-muigh meadhan na h-Alba   
  • Dubh, Àisianach no bho Mhion-chinnidhean Eitnigeach eile   
  • le Feumalachdan Taic a Bharrachd (a' toirt a-steach dhaoine le ciorramachd fiosaigeach, ciorramachd ionnsachaidh no tinneas inntinneach).

Ciamar a tha am pròiseas taghaidh na Duais airson Sgrìobhadh Dràma Gàidhlig ag obair?

Ann an tighinn gu co-dhùnadh, bidh am pannal a' coimhead air:

  • Do dhealas airson do sgilean sgrìobhaidh dràma agus d' eòlas a leasachadh
  • Mar a chuireas an Duais airson Sgrìobhadh Dràma Gàidhlig ri leasachadh an sgrìobhaidh agus nan amasan cruthachail agad
  • Tùsalachd acus comas leasachaidh do bheachd-smuain agus do ghuth
  • A bheil thu deònach beachdan a chluinntinn mun obair agad, a bhith a' togail air na beachdan seo, agus a bhith ag obair gu neo-eisimeileach air pròiseact fad bliadhna
  • Do mhiann a bhith a' sgrìobhadh dràma airson an àrd-ùrlair


Thèid an tagradh agad a mheasadh le luchd-obrach Stiùidio nan Dràmairean agus cuideigin a' riochdachadh Chomhairle nan Leabhraichean.

Faodaidh tu an tagradh slàn agad a chur a-steach sa Ghàidhlig.

Ciamar a chuireas mi a-steach?

Mus tòisich thu air an tagradh agad, leugh na Ceistean Cumanta agus Stiùir air an Fhoirm Thagraidh.

Bidh sinn a' cleachdadh Submittable airson pròiseas nan taghraidhean a dhèanamh nas fhasa. Ma tha duilgheadas sam bith agad ann a bhith a' cleachdadh Submitttable, cuir fios thugainn air 0141 332 4403 no aig info@playwrightsstudio.co.uk.

Mura tèid agad air Submittable a chleachdadh, faodaidh tu:

  • Post-d a chur gu info@playwrightsstudio.co.uk
  • Do thagradh a chur tron phost gu Duais airson Sgrìobhadh Dràma Gàidhlig, Stiùidio nan Dràmairean Alba, CCA, 350 Sràid Sauchiehall, Glaschu G2 3JD

Ma tha thu a' cur tagradh a-steach tron phost no le post-d feumaidh tu Foirm Measaidh Co-ionannachd a chur na chois.

Ma tha thu a' cur feum air an fhoirm thagraidh ann an cruth eadar-dhealaichte no ma tha cuideachadh a dhìth ort airson a lìonadh, cuir fios thugainn air 0141 332 4403 no aig info@playwrightsstudio.co.uk.

Is urrainn dhuinn lethbhreac cruaidh den fhoirm thagraidh a chur thugad le cèis is stampa ma tha sin na chuideachadh.

Ma tha ceistean sam bith agad mun phròiseas tagraidh, cuir fios thugainn air 0141 332 4403 no aig info@playwrightsstudio.co.uk. Bidh sinn toilichte a chuideachadh.

Tagraidhean

Dè a dh'fheumas mi cur san tagradh agam?

  • Fiosrachadh conaltraidh (ainm, seòladh agus àireamh fòn-làimhe, etc)
  • Aithisg-taice a' mìneachadh ciamar a bhios an Duais airson Sgrìobhadh Dràma Gàidhlig gad chuideachadh mar sgrìobhaiche dràma. Inns dhuinn mu leasachadh sgriobt sam bith san robh thu an sàs agus mun bhuaidh a thug sin air an dòigh sa bheil thu a' smaoineachadh mun sgrìobhadh agad. (1500 facal)
  • Geàrr-iomradh air beachd-smuain airson sgriobt air a bheil thu ag iarraidh a bhith ag obair (100 facal)
  • Dà shampall sgrìobhaidh, eadar:

-   Dà earrann 10-duilleagan à dealbhan-cluiche airson an àrd-ùrlair; air neo

-   Aon earrann 10-duilleagan à dealbh-chluich airson an àrd-ùrlair agus aon earrann 10-duilleagan à pìos sgrìobhaidh ann an gnè sam bith

  • Geàrr-iomraidhean airson gach earrann (50 facal)
  • Cunntas-beatha a' cur an cèill an eòlais agad gu ruige seo
  • Dearbhadh gu bheil thu saor Diciadain 4 Dùbhlachd 2019 airson Latha Inntrigidh a' Phrògraim Sgrìobhaidh Dràma. Mura h-eil thu saor air an latha seo, cuir fios thugainn air info@playwrightsstudio.co.uk mus cuir thu a-steach do thagradh.
  • Am bu thoil leat beachdan air ais fhaighinn air an tagradh agad ma bhios tu air a' gheàrr-liosta

Gheibh thu post-d a' dearbhadh gun d' fhuair sinn an tagradh agad.

Tha Tagraidh a-nis dùinte

Mus tòisich thu air an tagradh agad, leugh na Ceistean Cumanta agus Stiùir air an Fhoirm Thagraidh.

 

Gaelic Books Council 

Follow Playwrights’ Studio, Scotland on: Facebook Twitter