Script Surgeries - Colour

Stiùir air an Fhoirm-thagraidh

Tha an stiùir seo airson fiosrachadh a thoirt dhut air mar a fhreagras tu gach ceist.

Ged is e stiùir a th' ann, feuch an cuir thu freagairt air an àireamh as motha de na puingean as urrainn dhut san tagradh agad, oir bidh sin na chuideachadh dhut ann a bhith a' cur an cèill fhreagairtean.

Dèan cinnteach gu bheil thu air na Ceistean Cumanta a leughadh mus tòisich thu air an tagradh agad. Ma tha ceistean a bharrachd agad mun Duais airson Sgrìobhadh Dràma Gàidhlig, cuir fios thugainn aig 0141 332 4403 or info@playwrightsstudio.co.uk.

Is e an ceann-là airson thagraidheanDiluain 16 Sultainaig 5f.

Stiùir air Tagraidhean

1. Inns dhuinn ciamar a chuidicheas an Duais airson Sgrìobhadh Dràma Gàidhlig thu ann a bhith a' leasachadh do sgilean no mar a chuireas e ris an adhartas agad mar sgrìobhaiche dràma. Dh'fhaodadh tu innse dhuinn:

  • Dè tha gad bhrosnachadh mu sgrìobhadh dhealbhan-cluiche
  • Dè tha thu a' sireadh mar sgrìobhaiche dràma às an Duais seo
  • Na neartan agus laigsean san sgrìobhadh agad
  • Na h-eileamaidean a tha thu airson leasachadh
  • Na h-amasan agad airson do chuid sgrìobhaidhean

2. Inns dhuinn mu leasachadh sgriobtaichean sam bith san robh thu an sàs. Dh'fhaodadh tu innse dhuinn:

  •  Mar a rinn leasachadh sgriobt diofar dhan dòigh sa bheil thu a' smaoineachadh mun sgrìobhadh agad
  • Dè dh'ionnsaich thu bho bhith an sàs anns na leasachaidhean sgriobt seo

3. Aithisg ghoirid air a' bheachd-smuain agad airson dealbh-chluich. Dh'fhaodadh tu bhith a' smaoineachadh air:

  • An sgeulachd a tha thu airson innse
  • Dè tha air do bhrosnachadh gus an sgeul seo innse
  • An stoidhle no cruth sa bheil thu airson feuchainn airson an sgeul seo innse
  • Carson is tusa an neach a bu chòir a bhith ag innse na sgeulachd seo

4. Thoir dhuinn dà shampall 10-duilleagan den sgrìobhadh agad. Dh'fhaodadh seo a bhith: 

  • Dà earrann 10-duilleagan à dealbhan-cluich airson an àrd-ùrlair


NO

  • Aon earrann 10-duilleagan à dealbh-chluich airson an àrd-ùrlair agus aon earrann 10-duilleagan de sgrìobhadh ann an gnè sam bith

An lùib gach earrann bu chòir dhut geàrr-iomradh a bharrachd a chur (mu 50 facal gach aig mullach gach earrainn).

Chan eil sinn an dùil gum bi am beachd-smuain agad am measg nan sampallan sgrìobhaidh agad, oir is dòcha nach deach a sgrìobhadh fhathast. Ach ma tha thu air tòiseachadh air a' bheachd-smuain agad, faodaidh tu earrann dheth a chur thugainn mar fhear de na sampallan sgrìobhaidh agad.

Fiosrachadh a bharrachd

Feumaidh tu cuideachd a chur thugainn:

  • Eachdraidh-beatha ghoirid den eòlas agad gu ruige seo. Ma tha do thagradh soirbheachail, thèid seo fhoillseachadh ann an Stòrdata nan Dràmairean air làrach-lìn Stiùidio nan Dràmairean Alba. Coimhead air an Stòrdata airson eisimpleirean den chruth san gabh d' eachdraidh-beatha a sgrìobhadh
  • Dearbhadh gu bheil thu saor Diciadain 4 Dùbhlachd 2019  airson Latha Inntrigidh Prògram Sgrìobhaidh Dràma. Mura h-eil thu saor air an latha seo, cuir fios thugainn aig info@playwrightsstudio.co.uk mus cuir thu do thagradh a-steach
  • Am biodh ùidh agad ann am beachdan mun tagradh agad ma bhios tu air a' gheàrr-liosta

Thèid fios a chur gu tagraichean mu thoradh an tagraidhean roDiciadain 20 Samhain 2019.

Gura math thèid leat leis an tagradh agad. Cuir fios thugainn ma tha ceistean sam bith agad.

submit

 Gaelic Books Council 

Follow Playwrights’ Studio, Scotland on: Facebook Twitter