GPB-banner

Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig

Tha Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig na chothrom bhrosnachail airson sgriobhaiche stèidhichte ann an Alba a bhith a' faighinn taic phrataigeach agus ionmhasail gus dealbh-chluich ùr a chruthachadh sa Ghàidhlig. Tha Comhairle nan Leabhraichean a' toirt taic dhan bhursaraidh seo agus tha e air a thoirt seachad ann an com-pàirteachas leotha.

'S e amas a' bhursaraidh a bhith a' cruthachadh ùine is àite do sgrìobhadairean a leigeas leotha pìos obrach a chruthachadh le momentum suas ri ìre a' chiad dreachd. Seo cothrom a bhith a' dèanamh rudeigin a-mach às an àbhaist agus a bhith a' coimhead air beachd-smaoin is dòcha nach biodh cothrom aca a dhèanamh mur a b' e am bursaraidh seo.

Bidh gach bursaraidh a' tabhann taic a thaobh airgead, àite, sgilean, leasachadh, agus coimhearsnachd  thar bliadhna gus do chuideachadh le bhith a' cruthachadh an ath (no a' chiad) dhealbh-chluich agad.

Cuirear fàilte air tagraidhean bho dhràmairean, sgrìobhadairean ficsean, bàird no sgrìobhadairean òran a bhios a' sgrìobhadh ann an Gàidhlig, a tha airson obair ùr a dhèanamh stèidhichte air sgriobt a chruthachadh airson an àrd-ùrlair. Do dhaoine nach eil nan dràmairean, bhiodh e na chuideachadh nam biodh tomhas de dh'eòlas aca air riochdachadh no leasachadh tèatar gus am faigh iad an luach as motha às an Duais seo. Feumaidh dealas a bhith agad airson a bhith a' sgrìobhadh dràma dhan àrd-ùrlar.

Na tha na lùib

Airgead
£3,634 (Tha seo co-ionann ris a' phàigeadh cùmhnaint aig FST/SSP airson ciad dreach).

Àite
Fois-sgrìobhaidh fad seachdain aig Cove Park no ionad coltach ris, gus ùine a thoirt dhut a bhith ag obair air an sgriobt. Pàighidh sinn cosgaisean siubhail agus bidh pàigheadh làitheil ann airson biadh.

Cothrom deasg a chleachdadh ann an Seòmar Sgrìobhaidh Tom MhicRàith san CCA rè àm a' Bhursaraidh seo.

Sgilean
Tha na seiseanan sgilean nan seiseanan buidhne a tha rim faighinn dhut mar dhràmaire a tha a' faighinn taic bho Stiùidio nan Dràmairean. Tha iad air an dealbhadh gus cur ris na sgilean agus eòlas agad air gnìomhachas an tèatair, a' toirt dhut cothrom ceistean a chur agus a bhith a' smaoineachadh mu na taobhan eile de bhith nad dhràmaire nach eil daonnan a' gabhail a-steach a bhith a' sgrìobhadh. Gu tric, bidh iad ann an cruth bùithtean-obrach, seiseananan Cheistean is Fhreagairtean agus deasbadan pannail.

Leasachadh
Gheibh thu cothrom air trì seiseanan dà uair a thìde le Dràmaire Co-phàirteach no proifeasantach tèatair bhon taobh a-muigh gus bruidhinn mun dealbh-chluich agad fhad 's a thathar ga sgrìobhadh. Bidh taic air a dhealbh a rèir far a bheil thu den bheachd gu bheil taic a dhìth ort gus do sgrìobt a leasachadh.

Bidh cothrom agad cuideachd air bùth-obrach leasachaidh sgriobt, a mhaireas latha, le stiùiriche agus cleasaichean proifeiseanta.

Coimhearsnachd
Cruthaichidh Stiùidio nan Dràmairean cothroman dhut ceanglaichean a dhèanamh le do cho-leithid sa ghnìomhachas. Tha seo a' gabhail a-steach Latha Inntrigidh nan Dràmairean, turas buidhne dhan taigh-chluich, cuiridhean a choinneachadh ri prìomh chleachdaichean ann an tèatar na h-Alba agus tachartasan sòisealta le dràmairean eile.

Prìomh Chinn-latha

Faodaidh tu làithean a shònrachadh airson nan seiseanan taic dràma-eòlais agad a tha freagarrach air a' chlàr-ama agad. Tha dreachd clàr-ama de na gnìomhan buidhne gu h-ìosal.

14 Faoilleach Latha Inntrigidh nan Dràmairean
18 Gearran Seisean sgilean 1
18 Màrt Seisean sgilean 2
22 Giblean Seisean sgilean 3
An Lùnastal/An t-Sultain  Seisean sgilean 4

Ion-ròghnachd

Airson cur a-steach airson Bursaraidh Leasachaidh Deach-chluich Gàidhlig, bu chòir dhut a bhith nad sgrìobhadair aig ìre thràth san dreuchd agad no nad sgrìobhadair proifeasanta stèidhichte ann an gnè-sgrìobhaidh sam bith eile.

Mar eisimpleir:

Dràmaire Gàidhlig

  • Chaidh co-dhiù aon de na dealbhan-cluich agad a riochdachadh. Mar eisimpleir, dh'fhaodte gun deach na dealbhan-cluich agad a riochdachadh le companaidh tèatair no dh'fhaodte gun do riochdaich thu d' obair.

    agus/no
  • Tha eòlas agad air a bhith nad sgrìobhadair san t-seòmar, a' cruthachadh do chuid obrach ann an àrainneachd bùth-obrach, tro leughaidhean ruith-thairis no ag obair còmhla ri daoine eile gus do sgilean a leasachadh.


Sgrìobhadairean Ficsean Gàidhlig

  • Tha co-dhiù aon chruinneachadh de sgeulachdan goirid, nobhaileag no nobhail agad air fhoillseachadh; no co-dhiù 2 phìos ficsean goirid air fhoillseachadh ann an iris aithnichte, m.e. Steall, Gath.


Bàird thraidiseanta

  • Tha co-dhiù aon chruinneachadh agad air fhoillseachadh, no tha a' bhàrdachd agad air fhoillseachadh co-dhiù trì tursan ann an iris le neach-deasachaidh Gàidhlig aithnichte, e.g. Steall, Gath, Northwords Now, etc.


Bàird Labhairteach

  • Tha thu air do bhàrdachd a thaisbeanadh aig ionadan/tachartasan le cliù iomchaidh, e.g. mar phàirt de chuairt no fèis aithnichte.


Sgrìobhdairean Òrain

  • Tha trì creideasan sgrìobhaidh agad airson òrain a chaidh a riochdachadh/fhoillseachadh/chlàradh


Mas e sgrìobhaiche proifeiseanta a th' annad a bhios a sgrìobhadh sa Bheurla agus tha thu airson tionndadh dhan Ghàidhlig, feumaidh tu dearbhadh gu bheil na sgilean cànain agad airson seo a dhèanamh.

Bu chòir dhut a bhith cuideachd:

  • A' fuireach ann an Alba.  
  • Gun duais Dràmaire Gàidhlig Ùr no Duais Sgrìobhadh Dràma Gàidhlig fhaighinn roimhe.
  • A bhith saor air Diciadain 14 Faoilleach 2022 airson Latha Inntrigidh nan Dràmairean. Mur a bi e comasach dhut a bhith an làthair air an latha sin, leig fios thugainn air info@playwrightstudio.co.uk.
  • Bi an dùil gun urrainn dhut crìoch a chur air a' Bhursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig airson 31 Màrt 2023.


Chan urrainn dhuinn gabhail ri tagraidhean bho sgrìobadairean a tha:

  • Air taic dhìreach fhaighinn bho Stiùidio nan Dràmairean san 18 mìosan mu dheireadh (chan eil seo a' gabhail a-steach a bhith an làthair aig bùithean-obrach no buidhnean a chùm sinn).
  • Ann am foghlam làn-ùine foirmeil (i.e. 16 uairean a thìde no barrachd gach seachdain) nuair a thòiseachas am Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich. Ma tha thu ann am foghlam pàirt-ùine, cuir fios thugainn gus am bruidhinn sinn air na roghainnean agad.


Ma tha ceist sam bith agad a bheil thu ion-roghnach, cuir fios thugainn aig info@playwrightsstudio.co.uk.

Ruigsinneachd agus Co-ionannachd

Faic an làn aithris againn air ruigsinneachd agus co-ionannachd.

A' dèanamh tagradh

Chaidh am pròiseas tagraidh a dhealbhadh airson a bhith goirid. Tha a' mhòr-chuid den tagradh na sreath de dh'aithrisean goirid ag innse dhuinn mu do dheidhinn agus mun eòlas agad mu bhith nad sgrìobhadair ann an suidheachadh leasachadh sgriobt, mu na tha thu airson a choileanadh tron phrògram, agus mun dealbh-chluich a bu mhath leat a sgrìobhadh.

Cuir tagradh a-steach le foirm Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig. Is urrainn dhut tagradh sgrìobhte no tagradh bhidio a chur a-steach. Gabhaidh sinn ri tagraidhiean ann an Gàidhlig, Scots, BSL agus Beurla.

Dh'fhaodadh e a bhith na chuideachadh dhut a bhith a' cleachdadh Foirm-tagraidh practas agus stiùireadh (Word) (PDF), gus do chuideachadh gus dreachd den tagradh agad.

Mura tèid agad air am foirm a chur a-steach air-loidhne agus ma tha thu ag iarraidh an fhoirm-tagraidh ann an cruth eile, no ma tha ceist sam bith agad mun phròiseas tagraidh, cuir post-d gu info@playwrightsstudio.co.uk.

Ceann-latha airson tagraidhean: 5f, Dimàirt 12 Dàmhair 2021.

Gaelic

Dè thachras an uair sin

Gheibh thu post-d a' dearbhadh gun d' fhuair sinn an tagradh agad. Thèid fios a thoirt do thagraichean mun cho-dhùnadh air an tagradh aca air no roDihaoine 10 Dùbhlachd 2021.

A bheil ceist sam bith agad?

Leugh na Ceistean Cumanta. Mura deach a' cheist agad a fhreagairt, cuir fios gu info@playwrightsstudio.co.uk agus bhiomaid toilichte cuideachadh.

Teachdaireachd mu ChOVID-19

Lìbhrigeadh
Chan eil teagamh sam bith ann nach bi atharrachaidhean san dòigh sam bi sinn a' lìbhrigeadh nam Prògraman againn, aig an àm seo agus san àm ri teachd. Bidh sinn sùbailte a thaobh feumalachdan nan dràmairean agus an luchd-ealain eile a bhios an sàs, a rèir stiùireadh an Riaghaltais, agus nan goireasan againn fhìn.

Bursaraidh
Gheibhear pàigheadh ann an dà chuibhreann, £2,000 nuair a bhios ainm-sgrìobhte an dràmaire air a chur ris an litir-thagraidh, agus an còrr nuair a bhios am Bursaraidh ullamh.

Follow Playwrights’ Studio, Scotland on: Facebook Twitter